Fònaichean-làimhe ⁊ tablaideanTeicneolas-taice

Adaptxt

Ged a tha e ri fhaighinn fhathast, chan eil Keypoint a’ leasachadh Adaptxt tuilleadh. Mholamaid dhut SwiftKey a stàladh ’na àite airson teacsadh ro-innseach Gàidhlig.


Tha Adaptxt ’na ghleus airson teacsadh ro-innseach (’s e sin predictive texting) sa Ghàidhlig (agus, eadar dà sgeul Gaeilge agus Gaelg cuideachd). Tha e saor an-asgaidh a bharrachd air sin is ri fhaighinn air fònaichean is tablaidean, an dà chuir Android agus iOS.

Android

Tha e furasta gu leòr a stàladh o Google Play e fhèin ach ma tha thu ag iarraidh beagan stiùiridh, seo dhut. Fosgail Google Play air an fhòn agad agus dèan lorg airson Adaptxt:
gd02
Feumaidh tu an Adaptxt Keyboard sa chiad dol a-mach. Thoir gnogag air Install:
gd03
agus leig leis stàladh
gd04
Tha agad ri fhosgladh an uairsin:
gd05

Agus gnogag air Accept:
gd06
Agus Setup an uairsin:
gd07

Feumaidh tu aon chànan a luchdadh a-nuas (aig an ìre-sa, bidh cothrom air barrachd as a dhèidh seo):

Adaptxt-ur-01

Tagh cànan, can Gàidhlig:

Adaptxt-ur-02

Chan fhaod thu ach aonan a stàladh aig an ìre-sa ach glacaidh foighidinn iasg!

Adaptxt-ur-03

Nise, feumaidh tu innse dhan fhòn agad gu bheil thu ag iarraidh Adaptxt seach an sgudal leis an dàinig e:

Adaptxt-ur-04
Gluais am putan a tha ag ràdh Off:

Adaptxt-ur-06

Ach an can e On:

Adaptxt-ur-07

Cha mhòr deiseil, briog air Finish:
Adaptxt-ur-08

Ma tha thu ag iarraidh barrachd chànan, can Beurla agus Fraingis, tha sin furasta (agus cha chosg iad dad a bharrachd). Briog air Adaptxt Store:

Adaptxt-ur-09

Agus tagh na cànain a tha a dhìth ort, a bharrachd air Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha Gaeilge agus Gaelg ri làimh cuideachd:

Adaptxt-ur-10

Ma chaidh thu seachad air a’ cheum seo, na gabh dragh. Dèan lorg air an t-suaicheantas aig Adaptxt (chan urra dhomh innse dhut càit am bi sin, tha sin a’ crochadh air an fhòn agad) agus chì thu an dearbh sgrìn an uairsin.
gd16

Sgrolaich sìos agus chì thu liosta nan cànan.

iOS (iPhone/iPad)

Dh’fhosgail iOS a dhorsan do dh’aplacaidean mar Adaptxt san t-Sultain 2014 agus ri linn sin, gabhaidh a stàladh o iTunes. Feumaidh sibh iOS 8 mus obraich e ge-tà. Chan eil seo doirbh ach seo dhut stiùireadh ceum air cheum air eagal ’s nach do rinn thu rud mar seo roimhe:

Faigh Adaptxt bhon App Store agus fosgail e.

iOS-Adaptxt-01

Ruigidh tu an sgrìn seo an uairsin. Briog air Settings:

iOS-Adaptxt-02

An uairsin General:

iOS-Adaptxt-03

An uairsin Keyboard:

iOS-Adaptxt-04

Is Keyboards:

iOS-Adaptxt-05

Nise, Add New Keyboard…:

iOS-Adaptxt-06

Tagh Adaptxt:

iOS-Adaptxt-07

Thoir gnogag air Adaptxt:

iOS-Adaptxt-08

Gluais am putan ri taobh Allow Full Access dhan taobh deas:

iOS-Adaptxt-09

Is thoir cead dha:

iOS-Adaptxt-10

Air an sgrìn seo, briog air Edit:

iOS-Adaptxt-12

Agus gluais Adaptxt gu mullach na liosta:

 

iOS-Adaptxt-13

Mar seo:

iOS-Adaptxt-14

Nise, till dhan sgrìn-dhachaigh agus fosgail Adaptxt agus chì thu na leanas, tagh Add-on manager:

iOS-Adaptxt-15
​Thoir gnogag air More… ann:

iOS-Adaptxt-16

agus tagh na cànain a tha thu ag iarraidh:

iOS-Adaptxt-17

Sin agad e, tha e deiseil ri chleachdadh a-nis. Fosgail aplacaid a leithid Notes is chì thu seo:

iOS-Adaptxt-18

Bidh English air an spacebar. Slaod gu taobh seach taobh e airson nan cànan eile. Sgrìobh rud agus chì thu na molaidhean ann:

iOS-Adaptxt-19

Obraichidh rudan mar swipe agus fèin-cheartachadh cuideachd (feumaidh tu seo a chur air sna Settings aig Adaptxt).

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)
1. Ciamar a gheibh mi tàthan?
Ma chumas tu sìos iuchair air a bheil barrachd air aon litir/samhla, gheibh thu an roghainn eile. Ma-tà, airson tàthan, cum sìos an litir B:
gd17

An dearbh rud ma tha thu air tòir asgair (tha sin air an litir G)

2. A bheil barrachd fhaclan ’gam moladh?
Tha, gheibh thu barrachd dhiubh ’s tu a’ briogadh air an t-saighead
gd18

3) Cha toigh/mhath/chaomh/ghasta leam an Olympic Theme
Seadh, cha mhath na leamsa. Ach ma bheir thu gnogag air ìomhaigheag Adaptxt
gd16
’s urrainn dhut atharrachadh fo Themes and Layouts » Keyboard Theme

4. Tablaidean Android?
Seadh, tha e ag obair air tablaidean Android cuideachd.

5. Windows Phone

Tha mi duilich ach chan eil seo ri làimh air Windows Phone oir tha Microsoft a’ bacadh rud air a bheil 3rd party entry methods. Ma tha thu ’ga iarraidh air Windows Phone, nach cuir thu taic ris an iomairt seo?

7. Chuir mi air ais e dhan t-seann mheur-chlàr
Agus chan urrainn dhut Adaptxt fhaighinn air ais ged a chaidh thu a-steach dhan na roghainnean ann an Android? Àidh, tha Android caran gòrach uaireannan. Ach tha fuasgladh ann. Fosgail raon sgrìobhaidh am badeigin, can SMS ùr (cha leig thu leas a chur). Cuir do chorrag aig fìor-bharr na sgrìn agus slaod a-nuas e. Chì thu còmhradh ann far an urrainn dhut a chur gu Adaptxt a-rithist.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest