OSX agus iOS

Chan eil cus Gàidhlig air na Macs aig an ìre-sa. Ach a-mach o 10.8, ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. ’S ciall dha sin nach nochd dad ann an Gàidhlig a thàinig le Apple ach nochdaidh cuid a phrògraman (mar eisimpleir Opera 15 no prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) ann an Gàidhlig. Feumaidh tu na leanas a dhèanamh:

  • Ann am MacOS 10.8: System Preferences » Language & Text » Edit List » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta
  • Ann am MacOS 10.9: System Preferences » Language & Region » + » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta

Mar seo:

Mac-Locale01

Mac-Locale02

Mac-Locale03

Mac-Locale04

iOS

Rinn linn iomairt gu math geeky mu choinneamh Android, tha coltas gun robh buaidh bheag air iOS cuideachd mu dheireadh thall. O iOS 9 a-mach, tha beagan Gàidhlig a’ nochdadh air iPhones is iPads ma thaghas tu Gàidhlig sna roghainnean ann (Settings » General » Language & Region » Advanced » Language agus cuir aig mullach na liosta e ann an Preferred Language Order). ’S e a’ bhuaidh as motha a chithear gun nochd am mìosachan

iPhone01

agus an ceann-latha ann an Gàidhlig:

iPhone2

Mean air mhean!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest