Linux, Ubuntu ⁊ an càirdean

Chan eil ach aon dòigh chiallach air Linux/Ubuntu na stràcan a chur ann – sin am meur-chlàir English (UK, extended WinKeys). No a sheise Aimeireaganach. Tha seo am broinn Linux/Ubuntu o thùs agus cha leig thu leas ach innse dhan t-siostam gu bheil thu ag iarraidh fear eile. Mholamaid seo cuideachd ma tha thu a’ cleachdadh Ubuntu ann an Gàidhlig, tha am meur-chlàr bunaiteach ann gu math toinnte (tha sinn a’ cur ceart seo ach cò aig a tha fios cuin a thèid a chàradh).

Rach gu System Settings an toiseach:

Ubuntu-keyboard-01

An uairsin Keyboard Layout:

Ubuntu-keyboard-02

Briog air a’ chomharra + gus an uinneag fhosgladh a bheir dhut na diofar co-dhealbhachdan agus sgrolaich sìos (no sgrìobh an t-ainm sa bhoga) gu English (UK, extended WinKeys):

Ubuntu-keyboard-03

Briog air Add; agus nuair a chaidh do thilleadh dhan sgrìn seo, dèan cinnteach gu bheil am meur-chlàr a tha thu ag iarraidh aig barr na liosta (cleachd na putain ˄ ˅ no sguab às an seann-fhear):

Ubuntu-keyboard-04

Buail an x an uairsin gus an uinneag a dhùnadh. Sin agad e.

Ciamar a gheibh thu stràc ann ma-thà? Tha sin cho furasta ri tuiteam far bàta. Clì air an iuchair air a bheil àireamh 1 air a’ mheur-chlàr agad, chì thu an iuchair seo:
key
Brùth sin aon turas agus an uairsin fuaimreag sam bith. Sin agad e. Mas e litir mhòr a tha a dhìth ort, brùth an iuchair agus an uairsin Shift A no Shift E is mar sin sìos.

Nì thu iomadh litir eile leis cuideachd, seo na comasan ùra uile gu lèir:

  • Stràc (`), leig às agus an uairsin litir: àèìòùẁỳ
  • AltGr, cum e agus brùth litir: áéíóúẃý
  • AltGr agus 6 còmhla, leig às agus an uairsin litir: âêîôûŵŷ
  • AltGr agus 2 còmhla, leig às agus an uairsin litir: äëïöüÿẅ
  • AltGr agus # còmhla, leig às agus an uairsin: ãõñ
  • AltGr agus c còmhla: ç

 

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest