Microsoft Office



Windows

’S e sreath prògraman oifis a tha ann an Microsoft Office 2013 agus bidh mòran dhiubh eòlach air sa Bheurla mu thrĂ th. Ged a mholainn LibreOffice latha sam bith (tha e saor an-asgaidh, ann an GĂ idhlig is tha dearbhair-litreachaidh GĂ idhlig ’na bhroinn), tha fhios agam gu bheil iomadh duine air Microsoft Office (fhathast). Agus leis a sin, tha sinn a’ cur fĂ ilte mhòr air a’ phacaid chĂ nain seo.

Chan eil mi a’ dol a ràdh cus mu na thachair ron bhliadhna 2012 ach gun robh rud ann air a bheil CLIP (Community Language Interface Package) agus nach robh e math idir. Gu fortanach, thàinig an dà latha air a’ phròiseact on àm sin agus dh’fhoillsich Microsoft pacaid cànain cheart ann an 2013 a tha ’na eadar-theangachadh glan, ceart. ’S e pacaidean cànain a tha Microsoft a’ cleachdadh airson gach cànan seach Beurla agus grunnan beag eile agus leis a sin, tha e furasta a stàladh.

Nise, feumaidh Microsoft Office 2013 a bhith agad (tionndadh laghail) agus ma tha sin agad, cha chosg a’ phacaid cànain sgillinn eile dhut. Chan obraich a’ phacaid air tionndaidhean nas sine dheth, can ma tha Office 2010 agad, gu mì-fhortanach, agus cha dèan Microsoft eadar-theangachadh a’ dol an comhair a chùl agus leis a sin, cha bhi pacaid ann airson Office 2010 idir. Ma stàlaicheas tu e, bheir e dhut Word, PowerPoint, Excel, OneNote agus Outlook dhut ann an Gàidhlig – a-rèir dè an fheadhainn a cheannaich thu ceadachas air an son.

Tha diofar dòighean a’ phacaid fhaighinn ach ’s e an dòigh as fhasa dhut tadhal air an duilleag seo ’s a’ phacaid a luchdadh a-nuas. Cuir gu dol am faidhle an uairsin agus cuiridh Windows air dòigh dhut e.

Ma stàlaich thu e ’s ma tha e ann am Beurla fhathast, tadhail air Files » Options » Language agus dèan cinnteach gu bheil Gàidhlig aig barr na liosta:

Office 2013

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

1. 64bit? 32-bit??

Ceist gu math cumanta – an e siostam 64-bit no 86-bit a tha agam? Tha na mìltean a dhuilleagan ann (can an tè seo) a dh’innseas dhut mar a nì thu sin. Air no, feuch an dà fhaidhle, cha dèan e cron air an t-siostam am faidhle cearr a chur gu dol. Cha tachair dad, mas e am fear eile a dh’fheumas tu.

2. A bheil dearbhair-litreachaidh ann?

Chan eil an-dràsta fhèin. Tha sinn a’ feuchainn ri fear a chur air gleus ach cha chreid sinn gun dèid againn leis a dh’aithghearr. San eadar-àm, ’s e am workaround as goireasaich dad a tha ri cheartachadh fhosgladh ann an LibreOffice air no lethbhreac a dhèanamh dheth agus a chur ann an LibreOffice, lorg fhaighinn air na mearachdan ’s an cur ceart ann am Microsoft Office. Tha sinn duilich gu bheil mì-ghoireas mar seo ann ach tha seo caran toinnte.

3. Dè mu dhèidhinn Office a tha beagan nas sine?

Bha rud ann aig Ă m air an robh CLIP (Captions Language Interface Pack) airson Office agus Windows 7/Vista a bheireadh dhut GĂ idhlig ann am builgean beag os cionn na Beurla (mar tooltip). Bha sin dona gu leòr ach a bharrachd air sin bha rudan eile cearr leis – mar eisimpleir, tha am briathrachas gu tur ’na bhrochan – agus cha mholamaid dhut e idir.

Windows CLIP

Ach ma tha thu airson fheuchainn, gheibh thu an-seo e. Airson a bhith cothromach, bu chòir dhuinn innse dhut nach e peanas sònraichte a bha seo a chuir iad air a’ Ghàidhlig, tha seo a’ tachairt le gach cànan ùr, a’ chiad cheum air an t-slighe gu pacaid cheart, mar gum biodh.

Tags:

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach