OpenOffice



LinuxMacWindows

’S e sreath prògraman oifis a tha seo ach sa chiad dol a-mach, cha mholamaid dhut a chleachdadh. A’ fàgail gu taobh an ùpraid a bha eadar Oracle is a’ choimhearsnachd aig àm, ged a tha e a-nis aig an Apache Foundation ’s iad ’ga leasachadh a-nis, tha e fad air dheireadh LibreOffice (a tha stèidhichte air an aon chòd) a chionn ’s gun do dh’fhalbh a’ chuid as motha dhen choimhearsnachd a dh’ionnsaigh LibreOffice nuair a dhealaich an dà phròiseact.

Ma tha thu tìtheach air OpenOffice seach LibreOffice, chan eil cron sam bith ann ge-tà, tha e dìreach nas fhaide air dheireadh. Co-dhiù no co-dheth, ge b’ e cò dhiubh as fhearr leat, na luchdaich a-nuas am faidhle stàlaidh a tha air làrach Foghlam Alba. Dh’innis sinn dhaibh iomadh turas gur e seann-tionndadh a tha ann an 3.0.1 (’s e 4.0 an tionndadh as ùire) ach air adhbhar air choireigin, tha iad a’ diùltadh an ceangal ùrachadh. Mholar an tionndadh as ùire de phrògram sam bith a ghnàth ach ’s e an duilgheadas as motha le 3.0.1 gun do dhìochuimhnich iad Gàidhlig a chur ris mar locale (sin còd beag a dh’innseas dhan phrògram gu bheil Gàidhlig ann mar chànan) agus ri linn sin, tha e cha mhòr do-dhèanta dearbhadh-litreachaidh a dhèanamh ann.

Gheibh thu an tionndadh as ùire dheth an-seo air làrach-lìn Apache. ’S e am full install a tha thu ag iarraidh.

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach