Siostaman Windows (XP/7)
Mas ann air Windows 10 a tha thu, coimhead air an duilleag seo.
Tha iomadh dòigh ann gus sin a dhèanamh ach chan eil ach aonan ann a tha ciallach, sùbailte, luath.
1. Am meur-chlàr English United Kingdom Extended/US International
Chan eil sin ri ràdh gu bheil feum agad air fear ùr a cheannach. Feumaidh gach coimpiutair bathar-bog beag a dh’innseas dha mar a dhèiligeas e ris a’ mheur-chlàr agad. Mar is trice, thig coimpiutairean ann am Breatainn leis a’ bhathar-bhog airson UK Standard Keyboard. Ach gabhaidh sinn atharrachadh gu math furasta airson ’s gun làimhsich am PC agad e air dòigh beagan eadar-dhealaichte. Mholamaid seo dhut fiù ma tha Windows 8 no 10 agad ann an Gàidhlig, tha sin a’ tighinn le meur-chlàr aig a bheil dealbhadh gòrach agus b’ fheairrde dhut am fear UK Extended.
Ma chleachdas tu am meur-chlàr English UK Extended, ’s urrainn dhut iuchraichean marbha (deadkeys) a chleachdadh.
Tha iuchair air taobh clì na h-iuchrach 1 air an dà mheur-chlàr air a bheil stràc `. Air meur-chlàr Beurla àbhaisteach, cha chuir sin stràc air litir ach ma leanas tu an stiùireadh seo, thèid agad air stràc a chur air fuaimreag sam bith ann am prògram sam bith ’s chan ann dìreach ann am Word. Cha bhi buaidh air rud sam bith eile ann ach gum bi na h-iuchraichean marbha seo aig obair – cha ghluais rud sam bith eile.
Dèan na leanas (bidh diofar beag eadar gach siostam Windows ach tha seo ceart san fharsaingeachd, chì thu far a bheil rudan ann)
Windows Vista/7
Briog air Start »
Control Panel »
Regional and Language Options / Clock, Language, and Region »
Keyboards and Languages / Change Keyboards or other input methods »
Change Keyboards »
Chì thu rudeigin coltach ris an uinneag seo, briog air Add »
’S mathaid gum bi agad ri sgroladh suas is sìos beagan, chan eil na diofar tionndaidhean de Windows co-ionnann buileach. Ma tha + am badeigin, gabhaidh an earrann ud a leudachadh. Nuair a lorg thu English (United Kingdom), cuir cromag sa bhogsa ri taobh United Kingdom Extended » OK
Bidh thu an uairsin air ais air an sgrìn seo. Dèan cinnteach gu bheil United Kingdom Extended far a bheil e ag ràdh Default input language agus cleachd Move Up gus am bi United Kingdom Extended os cionn an t-seann mheur-chlàir mar a chì thu san dealbh, tha seo cudromach agus an uairsin OK »
A-rèir nan roghainnean agad, dh’fhaoidte nach fhaic thu dealbhag nan cànan sa bhad:
Mur fhaic thu am meur-chlàr beag seo, tha teans gum b’ fheairrde dhut an coimpiutair ath-thòiseachadh a-nis. Bidh e ann an uairsin.
2. Ciamar a nì mi stràc ma-thà ’s e agam a-nis?
Cho furasta ri tuiteam far bàta. Clì air an iuchair air a bheil àireamh 1 air a’ mheur-chlàr agad, chì thu an iuchair seo:
Brùth sin aon turas agus an uairsin fuaimreag sam bith. Sin agad e. Mas e litir mhòr a tha a dhìth ort, brùth an iuchair agus an uairsin Shift A no Shift E is mar sin sìos.
Nì thu iomadh litir eile leis cuideachd, seo na comasan ùra uile gu lèir:
- Stràc (`), leig às agus an uairsin litir: àèìòùẁỳ
- AltGr, cum e agus brùth litir: áéíóúẃý
- AltGr agus 6 còmhla, leig às agus an uairsin litir: âêîôûŵŷ
- AltGr agus 2 còmhla, leig às agus an uairsin litir: äëïöüÿẅ
- AltGr agus # còmhla, leig às agus an uairsin: ãõñ
- AltGr agus c còmhla: ç
Windows XP
Tha seo gu math coltach ri Windows 7/Vista/8. Briog air
Start » Settings » Control Panel » Regional and Language Options » Language (Tab) » Details > Add » English (United Kingdom) » Ok
An uairsin cuir cromag ri Keyboard Layout/IME » United Kingdom (Extended) » Ok » Ok
2. Ath-ghoiridean le ALT
Tha an fheadhainn seo cho toinnte nach mol sinn idir e ach uaireannan, dh’fhaoidte gum bi iad feumail ma tha thu air coimpiutair eile. Tha seo am broinn Windows o thùs agus cha leig thu leas dad a chur air dòigh. Brùth agus cum sìos an iuchair ALT agus brùth na còdaichean a leanas air an NumPad airson litir le stràc fhaighinn:
- ALT 0192 – À
- ALT 0224 – à
- ALT 0200 – È
- ALT 0232 – è
- ALT 0204 – Ì
- ALT 0236 – ì
- ALT 0210 – Ò
- ALT 0242 – ò
- ALT 0217 – Ù
- ALT 0249 – ù
Mur eil seo a’ dèanamh dad, dèan cinnteach gun do bhrùth thu NumLock. Chan obraich seo air laptops!