Strì Bheasnaid

’S e geama ro-innleachd fantastachd a tha ann am Strì Bheasnaid. Chan eil e buileach aig ìre Diablo no World of Warcraft ach a dh’aindeoin sin, tha e fìor mhath ’s a’ fàs nas fhearr fad na h-ùine. An stòraidh àbhaisteach … orcs, elves is mac an duine! Leis gu bheil e ’na gheama le còd fosgailte, tha e saor an-asgaidh ’s cha chosg e sgillinn dhut fheuchainn!

Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte ann: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. ’S urrainn dhut na geamannan ioma-chluicheadair a chluich an aghaidh a’ choimpiutair cuideachd, eadar dà sgeul.

Chan eil dad neònach mu stàladh agus leis a sin, cha leig sinn ach innse dhut gum faigh thu e an-seo air an làrach oifigeil aca.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest