Thunderbird

Seo am prògram puist-d a rinn Mozilla airson post-d ionadail. Tha “ionadail” a’ ciallachadh gum faigh thu am post agad on lìon ach gun cum thu e air a’ chlàr-chruaidh agad fhèin, seach air loidhne. Mas e post-d air loidhne ann an Gàidhlig a tha a dhìth ort, feuch My Opera Mail no Outlook.com.

Tha Thunderbird, dìreach mar a tha gach bathar eile aig Mozilla (buidheann nach eil ag obair airson prothaid agus a chruthaicheas bhathar a tha an còd aige fosgailte), saor an-asgaidh.

Tha seo, ma-tà, gu math coltach ri Outlook Express, Outlook  – pasganan far an cum thu am post agad, cur is faighinn puist-d, mìosachan (air a bheil Lightning, chan eil seo ’na bhroinn o thùs is feumaidh tu a chur ris) is rudan mar sin. Ma tha thu a’ cleachdadh prògram eile an-dràsta fhèin, tha e glè fhurasta gluasad gu Thunderbird, tha gleus ann a bheir a-steach am post agad sa phrògram eile agus na cunntasan agad. Obraichidh seo fiù ma tha thu dìreach airson fheuchainn, cha sgrios sin am prògram eile idir. A’ bruidhinn air sgriosadh, uaireannan, thachair gun do dh’fhàs Outlook Express agam coirbte bliadhnaichean air ais agus b’ e Thunderbird an sàbhalaiche leis an d’ fhuair mi greim air a’ phost agam nuair a bha am prògram eile rag marbh, tha Thunderbird cho gleusta sin.

Ma gheibh thu greim air an fhear Ghàidhlig, tha dearbhair-litreachaidh Gàidhlig ’na bhroinn o thùs. Tha faclairean eile ann as urrainn dhut stàladh fo Innealan » Roghainnean » Sgrìobhadh » Litreachadh:

Mozilla-Thunderbird-03

Tha e furasta an litreachadh a dhearbhadh no leumadh eadar na diofar cànain le briogadh deas na luchaige:

Mozilla-Thunderbird-05

Chan eil feum air cus stiùiridh eile, tha e furasta gu leòr. Ma bhuaileas ceist no duilgheadas teicnigeach ort (nach eil a’ buntainn ris an eadar-theangachadh Ghàidhlig) gheibh thu taic air Thunderbird Help.

Nise, am faidhle a stàlaicheas am prògram – gheibh thu sin an-seo.

Ò, aon rud eile. Ma tha thu a’ cleachdadh Thunderbird mu thràth ach ann am Beurla, tha e furasta Gàidhlig a chur air. Lean ris a’ cheangal gu h-àrd is faigh am faidhle a stàlaicheas am prògram dhut sa Ghàidhlig – cuiridh sin Gàidhlig air is cha bhean e ris na roghainnean no ris a’ phost agad idir, bidh sin mar a bha e roimhe.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest