Ubuntu

Tha Ubuntu ri fhaighinn ann an Gàidhlig cuideachd. Ag innse na fìrinn, bha e ri fhaighinn roimhe seo ach bha an t-eadar-theangachadh cho sgriosail ’s nach robh sinn ’ga mholadh do dhuine sam bith. Rinn sinn oidhirp mhòr ann an 2012 is 2013 agus tha e glan sgiobalta a-nis – fhad ’s a gheibh thu tionndadh 13.10, na bean ri tionndadh sam bith a tha nas sine na sin.

Nise, carson a chleachdadh tu Ubuntu? ’S e Ubuntu an tionndadh as fhasa ri chleachdadh de Linux, siostam-obrachaidh a tha stèidhichte gu tur air còd fosgailte. Tha coimhearsnachd eadar-nàiseanta de… well, glaoic… ’ga leasachadh agus tha e air leth comasach cumhachdach – agus tha e saor an-asgaidh. Agus tha e ann an Gàidhlig, a bharrachd air sin.

Ma tha thu caran teagmhach mu dèidhinn, tha diofar dhòighean air an urrainn dhut fheuchainn (can o bhioran USB) no an ath-thuras a cheannaicheas tu laptop ùr, carson nach fheuch thu ri Ubuntu air an t-seann-fhear?

Chan eil feum air cus stiùiridh a thoirt seachad an-seo, tha mòran fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn Ubuntu agus ann an àitichean eile a dh’innseas dhut gu mionaideach mar a stàlaicheas tu e. Dìreach rud no dhà:

1. ’S urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh rè an stàlaidh:

Ubuntu 13.10

Ach nam b’ fhearr leat a stàladh ann am Beurla (agus tuigidh mi carson), dèan sin agus bidh cothrom agad às a dhèidh sin Gàidhlig air ma thèid thu gun deas-bhòrd an toiseach (an suaicheantas ud gu h-àrd air an làimh chlì).

Ubuntu 13.10

Dèan lorg airson Settings an uairsin is rach gu System Settings:

Ubuntu 13.10

Agus Language Support an uairsin:

Ubuntu 13.10

Chì thu roghainn ann a chanas Install/Remove Languages…, tagh Gaelic, Scottish ann is briog air Apply:

Ubuntu 13.10

Nise, dèan cinnteach gu bheil Gaelic, Scottish os cionn na Beurla san liosta seo:

Ubuntu 13.10

Agus sin agad e. Ma tha Gàidhlig aig a h-uile duine a chleachdas an coimpiutair seo, ’s urrainn dhut Apply System-Wide a bhriogadh cuideachd. Bidh agad ri clàradh a-mach is a-steach a-rithist no, nas fhearr buileach, an coimpiutair a chur dheth is air a-rithist.

2. Nuair a dh’fhaighnicheas e dhìot dè am meur-chlàr a tha thu ag iarraidh air an sgrìn seo:

Ubuntu 13.10

na leig leis am meur-chlàr bunaiteach airson na Gàidhlig a stàladh, tha sin gun fheum sam bith (dh’iarr sinn orra fear eile a thaghadh mar bhun-roghainn agus nì iad sin – uaireigin). ’S e English (UK, extended Winkeys) am fear as fhearr. Seo dhut carson.

3. Pasganan an t-siostaim

Ma bha an seann eadar-theangachadh Gàidhlig agad roimhe air Ubuntu, b’ fheairrde dhut seo a dhèanamh:

  • Àrdachadh gu 13.10
  • Gàidhlig a thoirt air falbh (Settings » Language Support » Install/Remove Languages). Faighnichidh Ubuntu dhìot a bheil thu airson ainmean pasganan an t-siostaim a chumail; innis dha nach eil thu airson an glèidheadh.
  • ath-thòisich an coimpiutair
  • Settings » Language Support » Install/Remove Languages agus thoir Gàidhlig air ais agus nuair a dh’fhaighnicheas e mu phasganan an t-siostaim, innis dha nach eil thu airson ainmean na Beurla a ghlèidheadh
  • ath-thòisich an coimpiutair
  • Deiseil.

Tha pasganan aig an t-siostaim (mar Pictures) ann air a bheil Gàidhlig neònach sna seann-tionndaidhean. Ma nì thu àrdachadh gu 13.10, cha dig atharrachadh orra gu fèin-obrachail (tha na h-ainmean “reòthte”) ach ma leanas tu an stiùireadh gu h-àrd, gluaisidh e o Pioctairean » Pictures » Dealbhan. Tha badan dhiubh ann agus sgioblachaidh seo iad uile. Na gabh dragh, cha chuir seo an siostam agad tro chèile idir.

An dèidh dhut àrdachadh

Ma nì thu àrdachadh eadar dà thionndadh (Gàidhlig) de Ubuntu, bidh e caran tro chèile a thaobh nam pacaidean cànain uaireannan. Mar eisimpleir, ma thachras gun do chuir thu Ubuntu 14.10 an àite 14.04 ’s gu h-obann, bidh Firefox ann am Beurla. Cha dèan sin sgrios air dad ach dèan na leanas gus sin a chur ceart.

Briog air a’ chuibhle bheag gu h-àrd air an taobh deas is tagh Roghainnean an t-siostaim:

Ubuntu-mearachd-canain01

Fosgail Taic cànain an uairsin:

Ubuntu-mearachd-canain02

Turas a rinn thu briogadh, nochdaidh uinneag bheag a dh’innseas dhut gu bheil cuid a phacaidean cànain a dhìth agus faighnichidh e a bheil thu airson an stàladh. Innis dha gu bheil agus sin agad e. A thaobh Firefox co-dhiù. Dh’fhaoidte gu bheil ceum eile ri ghabhail a thaobh LibreOffice. Cuir gu dol LibreOffice is ma tha e ann am Beurla fhathast an dèidh dhut na pacaidean ceart fhaighinn, gluais a’ chuileag air a’ bhàr dubh gu h-àrd is fosgail Tools is an uairsin Options:

Ubuntu-mearachd-canain03

Briog air an triantan bheag ri taobh Language Settings an uairsin is Languages:

Ubuntu-mearachd-canain04

Dèan cinnteach gu bheil Gaelic sna trì bogsaichean air an taobh deas. Briog air OK, cuir gu dol LibreOffice as ùr agus sin agad e.

A bharrachd air sin, chan chreid mi gun can mi an corr ach innse dhuibh gur ann an-seo a gheibh thu thu.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest